side fiadhaich

Fri, Dec 1, 2006

Uill, as deidh an uimhir de sneachd a bh’ann an t-seachdainn ‘sa chaidh, ’s mi agus a’bhean aig partaidh Orion MC anns an taigh-òsda Tomdoun agus b’ann air èiginn a thug sinn ann, tha an t-sìde air a bhith air leth fiadhaich air an eilein. Bha sinn a’draibheadh air ais bhon Òban an dè agus bha e dìreach uabhasach leis an uisge air an rathaid agus cho laidir ’s bha a’ghaoth. Tha iad an dùil stoirm mhòr Didòmhnaich le gaothan suas ri 110mph anns na beantainn. Gu mì-fhortanach chan eil sneachd sam bith air fhàgail air Beinn Sgritheall neo Ladhair Bheinn, neo air a’Chuillionn nas mo ach bha beagan air Beinn Nibheis fhathast.

Chì sinn dè thachras anns na làithean a tha romhainn a thaobh an t-sìde!